
10/09/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 582
Duration: 04:59
Litir 582: Fear-casaid a’ Chrùin
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh gun do rinneadh oidhirp, anns an naoidheamh linn deug, ainm baile Steòrnabhaigh atharrachadh. Cha robh Fear-casaid a’ Chrùin ann an Steòrnabhagh aig an àm, Tòmas Druimeanach, sàsaichte le Stornoway. Chan eil fhios agam an robh beachd aige air dreach Gàidhlig an ainm – Steòrnabhagh. ’S dòcha gun robh e coma mu dheidhinn sin. Ach bha e a’ cumail a-mach gun canadh cuid Stormaway agus nach robh fuaimneachadh an ainm tarraingeach idir do chlaisneachd nan Gall.
Ach dè an t-ainm a bha an Druimeanach ag iarraidh an àite Stornoway? Uill – Port Royal. Seadh, Port Royal. Carson? Uill mar chuimhneachan air an Rìgh – Uilleam IV – a thadhail air a’ bhaile ann an seachd ceud deug naochad ’s a trì (1793) – fada mus robh e na Rìgh. Bhruidhinn an Druimeanach ri marsantaich ann an Steòrnabhagh agus bha e dhen bheachd gum biodh an sluagh toilichte mun atharrachadh. Sgrìobh e don uachdaran a bha cuideachd na bhall-parlamaid, Seumas Stiùbhart-MacCoinnich: “..it is you,” sgrìobh e, “that has best right to claim the change from His Majesty though I hope you will do me the justice in intimating to His Majesty ... that it was I, humble individual, that suggested it as a mark of my respect to his Majesty...” Seadh. Saoil an robh muinntir Steòrnabhaigh air an sgreamhachadh mar a bhiodh mòran an-diugh?!
’S dòcha gun robh Tòmas Druimeanach a’ coimhead le farmad thar a’ chuain, oir tha Port Rìoghail – uill Port Rìgh co-dhiù – anns an Eilean Sgitheanach. Bha sin air ainmeachadh airson an Rìgh Seumas V a thadhail air a’ bhaile ann an còig ceud deug is dà fhichead (1540). Nan robh e math gu leòr do Phort Rìgh a bhith a’ gabhail ainm air sàillibh ’s gun robh an Rìgh ann triop, nach biodh e math gu leòr do Steòrnabhagh a bhith a’ gabhail Port Rìoghail air fhèin?
’S e an duilgheadas a th’ ann gu bheil cuid dhen bheachd gun tàinig atharrachadh air an ainm Sgitheanach. Cluinnear fhathast seann Sgitheanaich a’ gabhail Port Ruigheadh air a’ bhaile, seach Port Rìgh. Mas e Port Ruigheadh a bh’ ann bho thùs, tha sin a’ ciallachadh “slope harbour” seach “king’s harbour”. Ach chan eil sin cho romansach!
Co-dhiù, cha robh an Druimeanach soirbheachail agus mhair seann ainm Lochlannach Steòrnabhaigh chun an latha an-diugh – anns an dà chànan. Ach chan e a-mhàin ainm a’ bhaile a bha air aire Fear-casaid a’ Chrùin. Bha e cuideachd dhen bheachd gum bu chòir crathadh a dhèanamh air riaghladh ionadail. ’S dòcha, anns an dòigh sin, gun robh e air thoiseach air mòran eile.
Bha e airson ’s gun tigeadh riaghladh nan Eilean Siar, le ùghdarrasan stèidhichte ann an Inbhir Nis is Inbhir Pheofharain, gu ceann. Bha e ag iarraidh gum biodh siorrachd ùr air a cruthachadh, air a riaghladh le ùghdarras stèidhichte ann an Steòrnabhagh. ’S e an t-ainm a bhiodh air an t-siorrachd sin – Lewis-shire. Siorrachd Leòdhais. Smaoinich! Ach chan eil mi cinnteach am biodh sin a’ gabhail a-steach Na Hearadh. Tha fhios nach biodh na Hearaich riaraichte a bhith mar phàirt de Lewis-shire!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
gun do rinneadh oidhirp: that an attempt was made; ainm baile Steòrnabhaigh atharrachadh: to change the name of the town of Stornoway; ’s dòcha gun robh e coma mu dheidhinn sin: perhaps he was indifferent about that; nach robh fuaimneachadh an ainm tarraingeach idir do chlaisneachd nan Gall: that the sound of the name wasn’t at all attractive to the hearing of [the] Lowlanders; a thadhail air a’ bhaile: who visited the town; gum biodh an sluagh toilichte mun atharrachadh: that the populace would be happy about the change; sgrìobh e don uachdaran a bha cuideachd na bhall-parlamaid: he wrote to the landlord who was also a member of parliament; air an sgreamhachadh: sickened; a’ coimhead le farmad thar a’ chuain: looking with envy across the sea; nan robh e math gu leòr do X a bhith a’ gabhail ainm: if it was good enough for X to take a name; gu bheil cuid dhen bheachd gun tàinig atharrachadh air an ainm Sgitheanach: that some people think the Skye name was changed; cha robh an Druimeanach soirbheachail: Drummond wasn’t successful; mhair seann ainm Lochlannach Steòrnabhaigh: the old Norse name of Stornoway [has] lasted; chan e a-mhàin ainm a’ bhaile a bha air aire X: it wasn’t just the name of the town that was a subject of X’s attention; gum bu chòir crathadh a dhèanamh air riaghladh ionadail: that local government ought to be shaken up; gun tigeadh riaghladh nan Eilean Siar, le ùghdarrasan stèidhichte ann an Inbhir Nis is Inbhir Pheofharain, gu ceann: that the government of the Western Isles, by authorities based in Inverness and Dingwall, would come to an end; ’s e an t-ainm a bhiodh air an t-siorrachd sin: that county would be called; a’ gabhail a-steach Na Hearadh: taking in Harris; tha fhios nach biodh na Hearaich riaraichte: I’d say [lit. it’s known] that the Harris folk wouldn’t be satisfied.
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
air sàillibh ’s gun robh an Rìgh ann triop: because the king was there on one occasion.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 10 Sep 201011:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 11 Sep 201010:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




