
Aig Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair ann an Lunnainn
An obair a rinn Darwin air a' Bheagle. Le Fionnlagh Macleòid. Darwin's work on HMS Beagle. With Finlay Macleod.
Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.
A seo tha Fionnlagh a' coinneachadh ri Cathy Mary NicÌomhair aig Taisbeanadh am 'Big Idea' aig Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair ann an Lunnainn agus iad a' meòrachadh air a' bheachd-smuain air mean-fhàs aig Darwin.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 16 Nov 200911:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 Nov 200922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Nov 200913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 24 Aug 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 24 Aug 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Aug 202013:00BBC Radio nan Gàidheal