
Oilthigh Chambridge agus a bheatha thràth
Oilthigh Chambridge agus a bheatha thràth. Le Fionnlagh Macleòid. Charles Darwin's time in Cambridge and his early life. With Finlay Macleod.
Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.
A seo tha Fionnlagh a' coimeas Darwin ri luchd-saidheans eile còmhla ris an saidhc-eòlaiche Dòmhnall Macleòid agus iad anns an dearbh rùm ann an Christ's College an Oilthigh Chambridge far a robh Darwin a' fuireach nuair a bha e na oileanach a sin.
San Talla Mhòr aig Christ's College tha iad a-mach air William Paley a sgrìobh Natural Theology agus a thug cuideachd buaidh air Darwin. The Dòmhnall a' togail na Greugaich, air a bheil e fhèin air rannsachadh a dhèanamh, agus a' bruidhinn air comas smaoineachaidh agus mar a b' urrainn dha Darwin ùine a chur seachad a' dèanamh sin.
Anns a Sedgwick Museum of Earth Sciences agus an Cambridge Museum of Zoology tha Fionnlagh dhar toirt timcheall taisbeanaidhean air Darwin.
Last on
Broadcasts
- Mon 9 Nov 200911:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 9 Nov 200922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Nov 200913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Aug 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Aug 202022:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Aug 202013:00BBC Radio nan Gàidheal