
Episode 3
An-diugh a' fàgail Rubha Àird Eònain 's a' ruighinn Inbhir Àirnein 's a' Chrìon Làraich. Allan MacDonald and friends walk the West Highland Way. Today, Rowardennan to Crianlarich.
Tha dà fhichead bliadhna air a' mhìos sa bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd - a West Highland Way - agus 's iomadh duine a th' air a choiseachd bhon uairsin ged a b' ann le grian a sgàineadh nan creag, le deàrrsach ùisge a' gabhail dhaibh neo leis a' chuileag-bheag. Tha 96 mìle bho Mhuileann Dhaibhidh chun a' Ghearastan agus b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra airson a choiseachd bho cheann gu ceann ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. Seo iad air a darna latha, agus iad air an oidhche a chur seachad ann a Rubha Àird Eònain agus a' dèanamh air Inbhir Àirnein agus a' Chrìon Làraich. Ach tha aon duine nach eil buileach air a dòigh...
Last on
Broadcasts
- Mon 17 Nov 200811:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Nov 200822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Jul 200911:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Jul 200922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 26 Oct 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 26 Oct 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Nov 202013:00BBC Radio nan Gàidheal