
An dàrna là a' coiseachd Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd
An dàrna là, a' coiseachd bho Druiminn gu Rubha Àird Eònain. Allan MacDonald and friends walk the West Highland Way. Today from Drymen to Rowardennan.
Tha dà fhichead bliadhna air a' mhìos sa bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd - a West Highland Way - agus 's iomadh duine a th' air a choiseachd bhon uairsin ged a b' ann le grian a sgàineadh nan creag, le deàrrsach ùisge a' gabhail dhaibh neo leis a' chuileag-bheag. Tha 96 mìle bho Mhuileann Dhaibhidh chun a' Ghearastan agus b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra airson a choiseachd bho cheann gu ceann ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. Seo iad air an dàrna là a' coiseachd bho Druiminn gu Rubha Àird Eònain.
Last on
Broadcasts
- Mon 10 Nov 200811:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Nov 200822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Jul 200911:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Jul 200922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Oct 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Oct 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Oct 202013:00BBC Radio nan Gàidheal