
11/12/2007
Cuairt Alasdair MhicIlleMhìcheil a thrus Carmina Gadelica. Le Dòmhnall U Stiùbhart. D W Stewart follows in the footsteps of Alexander Carmichael of Carmina Gadelica fame.
Cuairt MhicIlleMhìcheil còmhla ri Dòmhnall Uilleam Stiùbhart. An t-seachdain seo tha Dòmhnall Uilleam a' leantainn Alasdair a Dhùn Èideann. Ann an 1884 dh'fhàg Alasdair Uibhist airson an turas mu dheireadh agus rinn e a dhachaigh aig 30 Royal Circus ann an Dùn Èideann. Cluinnidh sinn cò iad na Gàidheil eile a bha anns na bailtean mòra aig an àm sin agus dè seòrsa saoghal a bh'aca. Ged is e ainm Alasdair a tha sìos mar ùghdar leabhraichean Carmina Gadelica, cha robh e na aonar. Bha feadhainn ann a bha ga chuideachadh agus a' toirt comhairle dha. Am measg iad sin bha duine òg à Torlum ann am Beinn na Faoghla a chruinnich mòran beul aithris e fhèin. B'esan Iain Eòghainn MacRuairidh a thug dha an sgeulachd An Sealladh Mu Dheireadh do Rocabarraigh. Anns a' phrògram seo cluinnidh sibh mar a chaidh a' chiad dà leabhar den t-sia air a bheil an t-ainm Carmina Gadelica fhoillseachadh.
Last on
Clips
![]()
Cuach Phàdraig
Duration: 01:12
![]()
Leigheas airson niosgaidean
Duration: 00:58
![]()
Feuch an urrainn dhuibh fhèin a h-aithris seo gun a dhol ceàrr
Duration: 00:40
![]()
Sgeulachd Rocabarraigh
Duration: 09:15
Broadcasts
- Tue 11 Dec 200711:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Dec 200722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 6 Aug 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 6 Aug 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Aug 201213:00BBC Radio nan Gàidheal



