
Tarasaigh
Cuairt Alasdair MhicIlleMhìcheil a thrus Carmina Gadelica. Le Dòmhnall U Stiùbhart. DW Stewart follows in the footsteps of Alexander Carmichael of Carmina Gadelica fame.
Cuairt MhicIlleMhìcheil còmhla ri Dòmhnall Uilleam Stiùbhart. Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn mar a chuidich bean Alasdair, Màiri Francis, a cèile agus i gu mòr an sàs anns a' bhuidheann "Highland Home Industries" a bha a' brosnachadh obraichean leithid fighe agus fuaghal. Bhiodh Màiri a' coinneachadh nam boireannach agus ag innse do dh'Alasdair an fheadhainn a dh'fhaodadh a bhith feumail dha a thaobh an eòlais air seann òrain, leigheasan agus cleachdaidhean. Cluinnidh sinn cuideachd mu na thional e do stuth nuair a bha e air aoigheachd an Eilean Tharasaigh nam measg an t-òran ainmeil Ailean Duinn a thug e sìos bho Cheit Urchadan no Ceit Ruadh a bha a' fuireach air an eilean.
Last on
More episodes
Clips
![]()
Rannan Maistridh
Duration: 01:46
Broadcasts
- Tue 20 Nov 200711:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 20 Nov 200722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 Jul 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 Jul 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Jul 201213:00BBC Radio nan Gàidheal




