Main content

Haoidh Cove!
Tormod MacGriogair le sùil air dualchainnt muinntir Steòrnabhaigh. Norrie MacGregor takes a lighthearted look at Stornowegian slang.
Anns a' phrògram seo, tha Tormod MacGriogair air chuairt timcheall baile Steòrnabhaigh 's e ag èisteachd ri cainnt an t-sluaigh! Buinidh Tormod fhèin dhan bhaile agus tha e mion-eòlach air an dualchainnt shònraichte a bha a-riamh aig muinntir Steòrnabhaigh agus am blas a bh' air Gàidhlig a' bhaile. Tha e a' coinneachadh ri cuid de mhuinntir a' bhaile agus a' ruith air dè dh'fhàg gun robh a' chainnt 's an dòigh-còmhraidh aca cho eadar-dhealaichte bho sgìrean eile air feadh Eilean Leòdhais.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2003.
Last on
Fri 17 Jul 202009:00
BBC Radio nan Gàidheal
Broadcasts
- Mon 17 Oct 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Oct 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Oct 201113:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 17 Jul 202009:00BBC Radio nan Gàidheal