
Dòmhnall Aonghais Bhàin
Josie Burgess a' toirt iomradh air beatha agus bàrdachd Dhòmhnaill Aonghais Bhàin. Josie Burgess looks at the life and poetic works of Donald MacDonald.
Tha am prògram seo mar phàirt de phròiseact a chaidh a chur air dòigh còmhla ri Urras nan Leabhraichean agus BBC Radio nan Gàidheal agus air a mhaoineachadh le MG Alba. Bha Josie Burgess, oileanach à Uibhist a Deas, ag obair aig an Urras aig an àm agus 's i a tha lìbhrigeadh a' phrògram air beatha agus bàrdachd Dhòmhnaill Aonghais Bhàin, neo bàrd Taobh a Deas Loch Baghasdail.
Last on
Josie Burgess

Sin an teachdaireachd a fhuair Josie Burgess ann an litir bheag a chuir Ciorstaidh Chaimbeul, piuthar Dhòmhnaill Aonghais Bhàin, thuice ann an leth-bhreac den leabhair aige 'Smuaintean fo Èiseabhal' a chaidh fhoillseachadh goirid an dèidh dha bàsachadh ann an 2000. Cha do dhìochuimhnich Josie na facail sin agus thug sin oirre a' bhàrdachd aig Dòmhnall a thaghadh mar chuspair airson a' phrògram seo, 's chan e sin a mhàin, dh'amas i cuideachd air aon de na pìosan bàrdachd a sheinn anns a' phrògram.
Ciorstaidh Chaimbeul

Dòmhnall Aonghais Bhàin

'S e duine iriosal a bh' ann an Dòmhnall, agus ged a bhiodh e a' sgrìobhadh bàrdachd bha e gu math diùid agus cha robh an obair aige a' dol na b' fhaide na a starsach fhèin. Ach dh'atharraich sin, oir fhuair e misneachd ann fhèin às dèidh do bhàrd ainmeil eile à Uibhist, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh, à Peighinn nan Aorainn, Dòmhnall a' bhrosnachadh nuair a leugh e pìos den bhàrdachd aige. Chaidh Dòmhnall a chrùnadh mar bhàrd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1983 agus bha a chuid bàrdachd a' nochdadh tric ann an Gasaet Steòrnabhaigh, anns a' Phaipear Bheag agus anns an iris, Gairm. Tha a' chuid mhòr den bhàrdachd aige an-diugh air a chruinneachadh san leabhar 'Smuaintean Fo Èiseabhal'.
Broadcasts
- Tue 14 May 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 14 May 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 May 201310:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 201310:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Dec 201310:30BBC Radio nan Gàidheal