Pasta le Maorach
Am Pasta le Maorach aig Seonag Nic a’ Ghobhainn
1 uinnean dearg

2 ìnean creamh
½ piobar-tiolaidh
Crogan iasg anchovy ann an ola (ola air a chur a dharna taobh) – mu 5 phìosan
1 chourgette
Peasairean uaine
Aspàrag
Rusg agus sùgh ½ lioman
Muasgan-caola
Pasta air a bhruich
Geàrr an t-uinnean, am piobar-tiolaidh agus an creamh ann am pìosan beaga. Fraidhig iad ann am pana le beagan ola agus cuir na h-anchovies air an geàrradh nam measg.
Às dèidh beagan mhionaidean cuir a ghlasraich air fad dhan phana còmhla ris an rùsg liomain. Tha thu airson am fraigheadh treiseag ach an dath snog uaine a chumail sa ghlasraich gun a bhith ro bhog.
Caith na muasgan-caola a-steach dhan phana – ma tha iad seo amh agad bheir treiseag dhaibh a bruich mus cur thu am pasta is an còrr a-staigh.
Dòirt a-steach an t-sùgh liomain agus am pasta bruich. Cuir salann is piobar agus beagan pearsal ris. Faodar cuideachd creme fraiche a chur ris a‘ phasta airson sabhs tiugh, uachdrach math a dhèanamh. Tha e a cheart cho math le neo às aonais.