Main content
Briosgaidean dhùbailte
Na briosgaidean dhùbailte aig Seònaid NicLaomainn
½ phunnd flùr lom
½ phunnd ìm
2 unnsa siùcar castoir
½ punnd siùcar-pùdair
3 spàin bùird uisge blàth
Silidh
Sirisean crogain

Teasaich an àmhainn gu 150 Celsius.
Obraich an ime agus an t-siùcair le chèile gus am bi measgachadh soilleir, uachdrach agad.
Dèan taois tiugh dheth agus roilig e a-mach. Geàrr e na bhriosgaidean cruinn. Cuir na briosgaidean dhen àmhainn son cairteal na h-uaireach.
Fhad ’s a tha na briosgaidean a bruich buail an t-siùcar-pùdair agus an uisge blàth còmhla gus an gabh a shuathadh air na briosgaidean.
Thoir na briosgaidean a-mach as an àmhainn agus leig dhaibh fuarachadh. Cur dà bhriosgaid còmhla le silidh agus sgeadaich na briosgaidean le còmhdach shiùcrach gheal agus sirisean crogain.