Main content

Cearc Kiev

A' Chearc Kiev aig Màiri

100g ìm bog

Rùsg and sùgh ½ lioman

2 ìne chreamh

1 spàin mhòr pearsal

1 spàin mhòr creamh-ghàrraidh

Mu 5 pìosan broilleach circe

2 ugh air am bualadh

Flùr

Salann

Piobar

200g mìrean arain

Ola

An toiseach cuir an t-ìm air dòigh. Pronn na luibhean, an creamh agus an t-sùgh is rùsg liomain a-staigh dhan ìm. Cuir an t-ìm gu aon taobh fhad ‘s a tha thu a cur air dòigh na pìosan circe.

Geàrr toll beag le sgian gheur aig a cheann is tighe de gach broilleach circe agus put sìos tron bhroilleach i airson lag a dhèanamh san fheòil. Thig an t-ìm luibhe agad san lag seo.

Cuir an t-ìm ann am poca plastaig le gob pìoba air (piping bag) agus cleachd seo airson an lag taobh a-staigh na broillich a lìonadh leis an t-ìm - gun cus a chur ann air eagal ‘s gun spùd e-mach san àmhainn. Airson an toll a dhùnadh agus a dhèanamh cinnteach nach tig an t-ìm às a chearc faodaidh tu an toll a chòmhdach le beagan ugh agus flùr.

Cuir na broillichean circe dhan fhuaradair airson treiseag mhath a leigeil leis an t-ìm fàs cruaidh a-rithist.

Còmhdaich gach pìos circe ann am flùr air a mheasgachadh le salann agus piobar, ugh air a bhualadh agus an uairsin mìrean arain. Dèan seo da thuras airson ‘s gum bith a chearc Kiev math, brisg nuair a tha thu air a fhraighigeadh.

Bruich gach pìos circe ann an doimhneachd ola airson beagan mhionaidean air gach taobh feuch ach am bith iad òr bhuidhe agus brisg. An uair sin dhan àmhainn leotha aig teas 180 Celsius airson mu fhichead mionaid ach am bith an fheòil bruich troimhe.