Main content

Lof iogart

An lof iogart aig Calina NicDhòmhnaill


1x 150g poit iogart plèin
2 phoit iogart làn siùcair-castoir
3 poitean iogart làn flùr-èirigh
1 poit iogart làn ola glasraich
Rùsg aon oraindsear (no liomaid)
2 ugh air a bhuaileadh
Beagan salainn

Còmhdaich tiona lof le pàipear-fuine. Teasaich an àmhainn gu 180° Celsius.
Dòirt an iogart ann am bobhla. Cleachd am poit iogart falamh airson a’ chòrr dhen stuth a thomhas agus cuir a-measg a iogart e.
Buail e gus am bi e air dheagh mheasgachadh agus an uair sin dòirt e dhan tiona.
Bruich an lof san àmhainn airson 45-60 mionaidean. Ma thòisicheas a’ mullach a’ fàs ro dhonn cuir pìos pàipear-fuine no foil air.
Leig leis fuarachadh. Faodar an lof fhàgail bàn no còmhdach-siùcair a chuir air.