Main content

Ceàrnagan Liomain

Na Ceàrnagan Liomain aig Agnes NicLeòid

250g flùr a dh’èireas

250g margarine

250g siùcar caster

4 uighean mòra

Sùgh 1 lioman

Rùsg ½ lioman

6 spàinean mòra siùcar icing

Crathadh cnò-chòco

Cuir am flùr, an t-ìm, an t-siùcar agus na h-uighean ann am bobhla agus buail còmhla. Ris a sin cuir an t-sùgh agus an rùsg leth lioman agus cuir mun cuairt a-rithist e.

Dòirt a-steach gu tiona fuine meudachd 20 ceudameatair agus sgaoil a-mach an taois ach am bith e uile còmhnard. Bruich air sgealp ann am meadhan na h-àmhainne aig teas 175 Celsius airson leth uair gu 35 mionaidean.

Airson an còmhdach icing measgaich còmhla an còrr dhan t-sùgh bhon lioman leis an t-siùcar icing. Bheir dha beagan buaileadh le forc feuch ach am bith e meadhanach tiugh ach le beagan gluasad ann fhathast. Faodaidh tu tuilleadh sùgh liomain a chur ris ma tha sin a dhìth.

Bheir an cèic a-mach às an àmhainn agus fhad ‘s a tha e fhathast teth cuir an còmhdach icing air. Sgaoilidh e nas fhasa nuair a tha e fhathast teth. Nuair a tha an cèic air fad air a chòmhdach cuir crathadh cnò-chòco air uachdar agus geàrr ann an ceàrnagan e.