Buill rus
Na buill rus aig Màiri
Airson an risotto:
Beagan ola agus ìm
1 uinnean air a ghearradh mìn
1 clòbha creamh
2-3 shliosan hama air a ghearradh mìn
250g rus risotto
1 liotair sùgh circe
250ml fìon geal
Làn-dùirn caise parmesan mìn
1 ugh air a bhuaileadh
Salainn is pìobair

Airson na buill:
Buillean beaga mozzarella
Soitheach le criomagan arain
Teasaich an ìm agus an ola ri chèile ann a pana. Fraidhig na h-uinneanan agus an creamh airson mionaid no dhà. Cuir a hama na mheasg agus bruich seo air a shochair airson còig mionaidean. Measgaich beagan pìobair ann. Cuir a rus risotto ris agus air do shocair dòirt sùgh na circe na mheasg. Tòisich le aon spàin mhòr dhen t-sùgh agus beag air bheag cur an t-sùgh air fad agus a fìon ris. Cum ort ga mheasgachadh gus am bi a rus bog. Measgaich a-steach am parmesan agus an ugh. Leig leis fuarachadh agus as dèidh mionaid no dhà ‘s urrainn dhut cumadh buill a chuir air.
Airson seo cur làn-dùirn dhen risotto nad làimh agus cuir bàla beag mozzarella na mheadhan. Còmhdaich am bàla mozzarella leis a risotto agus cuir cumadh cruinn air. Cum ort gu ruig thu deireadh a risotto. Cuir còta aran mìn air gach bàla agus cuir iad dhen frids airson uair a thìde gus am bi aid air fuarachadh.
Teasaich pana domhainn ola gu 170 Celsius agus fraidhig gach bàla gus am bi iad brisg agus dath an òir orra.