Na Bonnaich Sine aig Donna NicÌomhair
Bonnaich Sine agus Tonaig
Airson a’ chèic

175g ìm gun salainn
175g siùcar mìn òr
175g flùr èirigh
3 uighean
4 spàin-bhùird uisge tonic
2 spàin-bhùird sine
Airson a’ chòmhdach-siùcair
250g ìm gun salainn
500g siùcar-pùdair
Sùgh aon teile
4 spàin-bhùird sine
Rùsg aon teile
Teasaich an àmhainn gu 170 C. Obraich an t-ìm agus an t-siùcair le chèile. Buail a-staigh na h-uighean, fear ma seach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach fear air a mheasgachadh gu math. Cuir am flùr ris a seo, ga chur tron t-sìolachan ro làimh. Cuir an tonic ris. Cuir làn spàin-mhìlsein dhen chèic am broinn cèisean cèic agus bruich airson 20 mionaid, gus am bith iad dath donn-òir.
Thoir na cèicean a-mach às an àmhainn agus leig leotha fuarachadh. Fhad ’s a tha iad blàth put tuill unnta le prìne agus bruisig le còmhdach math dhen sine.
Còmhdach-siùcair
Blàthaich an t-ìm agus cuir an t-siùcair-pùdar ris. Cuir an sine agus sùgh teile na mheasg agus sgeadaich na bonnaich a cleachdadh poca-pìoba.