Main content

Mìlsean Liomain

Am Mìlsean Liomain aig Fiona Ballantyne

Sùgh 4 liomain
250 g siùcar mìn
500 ml uachdar tiugh

Leagh sùgh nan liomain agus an t-siùcar ann am pana gus an tig coltas siorap air. Bheir seo eadar 5 is 10 mionaidean.


Cuir an t-uachdar ann am pana agus teasaich air a shocair. Chan eil thu airson ‘s gun goil e idir.


Nuair a tha sùgh nan liomain deiseil bithidh e air a dhath a chall. Ged a tha e coimhead tana nuair a bheir a thu far an teas e, fàsaidh e nas tighe fhad ‘s a tha e a’ fuarachadh.


Cuir an t-siorap ris an t-uachdar. Dèan seo beag air bheag. Cleachd na tha thu ag iarraidh den an t-siorap gus am bheil am blas a-rèir do chàil fhèin. Bi faiceallach an seo oir fàsaidh an t-uachdar gu math tiugh gu math luath.


Cuir tron t-sìolachan seo agus roinn eadar glainneachan. Leig leis fuarachadh gus nach bith mòran gluasad san uachdar (mu 6 uairean a thìde). Faodar pìos beag arran-goirid ithe leis.