Main content

Stòbhach Sitheann Fèidh

An Stòbhach Sitheann Fèidh aig Iseabail NicAonghais

Stòbhach

Ìm

Ola- chroinn-ola

1 ½ punnd feòil sitheann fèidh

1 uinnean mòr

1 pimento dhearg/bhuidhe

2 ìnean creamh

2 spàin mhòr flùr plein

200 ml fìon dearg

250 ml stoc circe

2 spàin-tì puree tomàtothan

2 spàin mhòr silidh dearcan-dearg

1 spàin-tì piobar dubh pronn

Salann

Scona

250g flùr a dh’ èireas

40g ìm

125g càise

1 spàin mhòr luibhean measgaichte

1 ugh

2 spàin mhòr iogart

Steall bhainne

Teasaich an Slow Cooker.

Fraidhig an fheòil ann an ìm agus ola mean air mhean.

Cuir an fheòil dhan Slow Cooker nuair a tha e uileag ruadh is air a dhathadh.

Anns an aon phana fraidhig an t-uinnean agus am pimento dhearg còmhla airson 5 mionaidean.

Cur ris an creamh agus am flùr agus bruich airson mionaid neo dhà .

Measgaich a h-uile sìon eile ri chèile ann an siuga agus dòirt air a ghlasraich e. Goil seo a-nist.

Cuir an t-sùgh seo dhan Slow Cooker air muin an fheòil agus cur mun cuairt e – dèan cinnteach gu bheil an fheòil air fad air a chòmhdach.

Bruich e air a shocair aig an teas as ìsle airson ochd uairean a thìde.

Faodar an stòbhach a thoirt seachad le sgona caise agus luibh.

Airson an sgona fhuine tha thu a suathadh an t-ìm leis am flùr ann am bobhla mòr. Nuair a tha an dà chuid na chnapan beaga mìn cuir na luibhean, an càise agus an t-salann ‘s am piobar na mheasg. Cuir an t-ugh agus an iogart ris an taois le beagan bainne airson a thoirt le chèile.

Bheir beagan obrachadh dha agus dèan cearcall dhan taois sgona, uibhir ris an t-soitheach a théid dhan àmhainn agus chomharraich ann an ceathramhan e.

Dòirt an stòbhach bhon Slow Cooker a-staigh gu soitheach cruinn agus cur an scona air uachdar na stòbhach. Cuir mullach air an t-soitheach agus cuir dhan àmhainn e airson uair an uaireadair aig teas 180 Celsius.