Main content

Pàidh Sitheann Fèidh

Am Pàidh Sitheann Fèidh aig Màiri Anna NicChoinnich

Ola
Punnd sitheann-fèidh
1 uinnean air a ghearradh mìn
1 spàin-bhùird flùr
¼ pinnt sùgh feòla
Steall port
1 spàin-bhùird de silidh dearcan-dearga
4 unnsa geanm-chnò
4 unnsa fraochagan
Pastraidh tocaidh

Dèan druthag bheag ola teth anns a phana. Mean air mhean bruich an fheòil sa phana gu luath, gun cus a’ chur ann aig aon àm. Chan eil thu ach airson an fheòil a dhathadh. Às dèidh mionaid neo dhà bheir às an fheòil agus cuir ann am pana mòr e. Bruich an uinnean san aon phana gus am bith e bog agus cuir seo a-nis a-staigh leis a’ chòrr.


Ris a phana cuir aon spàin-bhùird de fhlùr, cairteal pinnt sùgh feòla, steall port agus spàin de shilidh dearcan-dearga. Cuir seo uile mun cuairt agus ma tha e fhathast caran tioram cuir beagan uisge ris.


Cuir a-nis dhan àmhainn e agus leig leis bruich fad uair a thìde.


Nuair a tha seo deiseil agus air fuarachadh measgaich a-staigh na fraochagan agus na geanm-chnòthan. Cuir seo ann an soitheach paidh agus cur còmhdach pastraidh air. Tha e feumail pìos tana de phastraidh a chur mun cuairt oir an t-soithich mus cuir thu air am mullach pastraidh gu lèir. Sgioblaich na h-oirean ma tha pastraidh a chòrr agad. Cuir suathadh ugh air a bhualadh air mus cuir thu dhan àmhainn e. Bruich airson leth uair aig teas 180 C.


Nuair a thig e às an àmhainn tha còir gum bith mullach òr-bhuidhe, cruaidh air a phaidh agus gum bith am meadhan bog, milis is blasta.