Main content

An Lof Gharabhain aig Mairead (às aonais geir agus ìm)

1 cupa bleideagan garabhan (biadh bracaist)
1 cupa siùcar bog ruadh
1 cupa sultanas
1 cupa bainne
1 cupa flùr a dh’èireas
1 ugh air a bhualadh

Cuir na bleideagan garabhan am bogadh leis an t-siùcar, na sultanas agus am bainne fad còrr is dà uair a thìde neo fad na h-oidhche mas urrainn dhut.

An ath là/an ceann dà uair an uaireadair cuir ris am flùr tro shìolachan agus cuir mun cuairt leis an ugh.

Dòirt ann an tiona lof 2 phunnd le lìnigeadh oirre agus bruich san àmhainn aig 175C airson uair neo uair a thìde gu leth.