Main content

Briosgaidean Viennese

Na Briosgaidean Viennese aig Màiri

Na Briosgaidean Viennese aig Màiri

200 g ìm
50 g siùcar pùdair
200 g flùr plein
½ spàin-tì pùdar-fuine
Teòclaid dorcha
Cnòthan pronn m.e. cnòthan-challtainn neo cnòthan-phiostais

Buail am t-ìm leis fhèin an toiseach gus am bith e bog. Cuir an t-siùcar ris. Buail a rithist gus an tig dath soilleir air.


A’ cleachdadh sìolachan an toiseach cuir am flùr is am pùdar-fuine ris a seo agus buail a-rithist.


Cuir e ann am pocan le fosgladh meadhanach mòr agus cruth rionnaig leis. Fàisg seo a null ‘s a nall air treadha gus am bith gach briosgaid mu 6cm a dh’ fhaid.


Bruich aig teas 190C airson mu 10-12 mionaid.


Nuair a tha iad bruich leig leotha fuarachadh mus bogaich thu ceann gach briosgaid ann an teòclaid air a leaghadh agus cnothan pronn.