Cupannan Ruma is Teòclaid
Na Cupannan Ruma is Teòclaid aig Morag Anna NicLeòid
2 phrùn tioram
2 spàin-mhòr ruma dhorch
150ml uachdar singilte
2 spàin-tì sìucar castoir
75 g teòclaid dorcha air a bhristeadh
Leth spàin-tì sùgh faoineag
Pioc salainn
1 ½ spàin-mhòr ugh air a bhualadh
2 spàin-mhòr crème fraiche neo uachdar dùbailte
Beagan teòclaid mìn airson sgeadachadh

Cuir na prùnaichean am bogadh anns an ruma airson leth uair a thìde. An uairsin tog gach fear agus cuir e gu bonn dà chupa-tì spaideil. Glèidh an ruma a tha air fhàgail.
Dòirt an uachdar singilte ann am pana beag, cuir ris an t-siùcar agus fàg e gus a fàs e teth ach na leig leis bruich. Tog am pana bhon teas agus cuir an teòclaid na mheasg gus a leagh e. An uairsin cuir an còir dhen ruma, faoineag, salainn agus an ugh briste na mheasg.
Dòirt seo anns na cupain-tì agus crath iad air do shocair gus am bì na mullaich rèidh. Còmhdaich iad agus fàg iad ann an àite fuar (na cuir dhan frids iad) airson ceithir uairean a thìde no gus am bi iad deiseil.
Nuair a tha iad deiseil sgeadaich iad le spàin-bheag làn crème fraiche no uachdar dùbailte agus beagan teòclaid mìn.