Main content

Cèic Shirisean

An Cèic Shirisean aig Màiri

200 g sirisean glacé
175 g ìm bog
175 g siùcar caster òr
3 uighean mòra air am bualadh
200 g flùr èirigh
75 g almoin pronn
1-2 spàinean mòra sùgh liomaid
Brìgh almoin
200 g siùcar pùdair
Sùgh 2 – 3 liomaid

Geàrr gach siris and an cairtealan agus cuir dustadh beag de fhlùr orra.


Buail an t-ìm ‘s an t-siùcar gus am fàs iad soilleir, aotram. Buail a-staigh na h-uighean fear ma seach.


A’ cleachdadh sìolachan cuir am flùr ris a seo. Paisg a-staigh e air do shocair le spàin mhòr.


Measgaich na sirisean agus na h-almoin ri chèile mus paisg thu a-staigh iad leis a bhrìgh almoin.


Tha seo a dol ann an tiona bundt a th’ air a dheagh shuathadh le ìm neo ola.


Cuir a chèic dhan àmhainn airson 50 mionaid an toiseach aig teas 180 C. Às dèidh 50 mionaid cuir còmhdach foil air a bhàrr agus bruich airson 10 mionaidean a bharrachd.


Airson còmhdach a dhèanamh dhan chèic buail an t-siùcar pùdair leis an t-sùgh liomaid gus am bith e tiugh ach fhathast tana gu leòr airson is gun urrain a dhòirteadh air muin a chèic. Leig leis tuiteam sìos na cliathaichean. Sgeadaich a chèic le sirisean air an gearradh agus crathadh de phìosan almoin.