Main content

Briosgaidean à Florence

Na Briosgaidean à Florence aig Màiri

75g siorap

75g ìm

25g min-fhlùir plèan

25g sultanas

50g sirisean glace

50g slisean almoin

Spàin-tì sùgh liomain

100gr teòclaid dorcha

Teasaich an àmhainn gu 190 Celsius.

Lìnig dà neo trì threidhichean-àmhainn le paipear crèis-dìonach.

Cuir an t-siorap agus an t-ìm dhan phana agus teasaich e gu bheil an t-ìm dìreach air leaghadh.

Cuir an fhlùr tron shìoltachan agus a-steach dhan ìm, còmhla ris na sirisean, sultanas, almoin agus sùgh liomain.

Leig leis fuarachadh agus an uairsin cuir mu 10 spàinean dhen mheasgaidh air gach treidhe. Dean cinnteach nach bi iad ro fhaisg air a chèile oir leaghaidh iad anns an àmhainn.

Bruich anns an àmhainn na briosgaidean airson 15 mionaidean, gus am bi iad òr-ruadh.

Leig leotha fuarachadh.

Leagh an teòclaid. Agus an uairsin còmhdach teòclaid air aon taobh de gach briosgaid agus dean pàtaran air an teòclaid bog le forca. Leig leotha cruadhachadh.