Main content

Na Briosgaidean le Houmous aig Griogair

1 ½ cupa flùr plein
1 ½ cupa flùr donn
2 spàin-tì siùcar
1 spàin-tì salann
2 spàin-bùird Ròs-Màiri
4 spàinean-bùird ola-chruinn-òla
1 cupa uisge
Sìol mealbhag
Salann na mara

Cuir air an àmhainn aig teas 200C.

Ann am bobhla cuir còmhla an dà sheòrsa flùr, an t-siùcar, an t-salann agus an ròs-màiri.

Cuir an ola agus an t-uisge ris agus measgaich seo gus am bith e na thaois bhog, steigeach. Ma tha flùr a chòrr sa bhobhla faodar tuilleadh uisge a chur ann gus am fàg an taois taobh a' bhobhla glan.

Obraich an taois beagan le làimh agus rolaig a-mach i eadar dà phìos pàipear-fuine. Bheir dheth aon phìos dhan phàipear agus crath na sìol agus an t-salann air uachdar na taoise. Cuir air ais am pìos pàipear agus rolaig an taois turas neo dhà eile feuch gu bheil an t-sìol is an t-salann air am bruthadh a-staigh dhan taois.

Geàrr ann an cumadh briosgaidean fada ceart-cheàrnach agus mu dheireadh priogaich le forc iad.

Cuir na briosgaidean dhan àmhainn. Às dèidh faisg air 12 mionaid cuir car dhiubh agus tionndadh sìos teas na h-àmhainne gu 150C. Fàg iad a’ bruich airson cha mhòr còig mionaidean eile.

Tha còir aca a bhith brisg le coltas tarraingeach orra.

Houmous Ghriogair
1 liomaine
Crogan chickpeas
2 spàin-bùird ìm cnòtha-talmhainn
2 clobha creamh
Salann
Ola-chruinn-ola

Ann an inneal-measgachaidh cuir rùsg agus sùgh an liomaid còmhla ris a h-uile sìon eile agus na tha dhìth ort de dh’ola-chruinn-ola airson a thoirt dhan tighead a thathar ag iarraidh. Faodaidh e bhi mìn neo nas gairbhe – a rèir do thoil fhèin. Mu dheireadh cuir ann craiteachan salainn agus boinneagan de dh’òla.