Main content

Na Trufail Seòclaid is Tiolaidh aig Griogair

100ml bàrr tiugh
40g siùcar ruadh bog soilleir
110g seòclaid dhorcha
25g ìm
Craiteachan salainn
Craiteachan pùdar tiolaidh
250g seòclaid bhainne

Teasaich am bàrr tiugh agus an t-siùcar gus an leagh e.

Bris an t-seòclaid agus cuir seo ann am bobhla eile leis an ìm. Dòirt a-steach am bàrr agus leig leis suidhe airson mionaid neo dhà gus an tòisich an t-seòclaid a leaghadh.

An uairsin cuir ann an t-salainn agus am pùdar tiolaidh. Cuir seo mun cuairt ach am bith a h-uile sion mìn is na cnapan seòclaid air leaghadh buileach.

Air a chòmhdachadh ann a cling film cuir am bobhla dhan fhuaradair airson dà uair a thìde.

Nuair a tha an t-seòclaid cruaidh, bheir a-mach e a’ cleachdadh làn spàin-tì sguab spàinean dhen t-seòclaid a-mach agus dèan an uairsin buill leotha le do làmhan. Cuir air ais dhan am fuaradair iad.

Airson a’ chòmhdach, cuir an t-seòclaid bainne ann an bobhla agus dhan mhicrowave. Chan eil math dhut seo a chur a-steach ach airson mu 15-30 diog a h-uile turas. Bheir an uairsin sùil air agus cuir a-steach a-rithist e. Dèan seo cho fada ‘s dh’fheumas tu airson an t-seòclaid a leaghadh, ga chuir mun cuairt cuideachd airson cuidhteas fhaighinn dhe na cnapan.

Bheir na buill t-seòclaid a-nis a mach às an fhuaradair agus cuir am bogadh dhan t-seòclaid leaghte iad airson an còmhdachadh. Leig leotha fuarachadh air treidhe uèir.

Nuair a tha iad fuar fras na buill le beagan a bharrachd seòclaid.

Cuir iad air ais dhan am fuaradair iad airson cruadhachadh.