Main content

Briosgaidean Càise le Chutney aig Barbara Nic a' Ghobhainn

An Chutney
375g ùbhlan
125g fraochagan
1 uinnein
100g siùcar
1 spàin-tì dinnsear (mìn)
1 spàin-tì turmeric
1 spàin-tì cumin
1 spàin-tì coriander
1 spàin-tì salann
175ml fìon-geur (leann ubhail neo fìon geal)

Geàrr na h-ùbhlan ann am pìosan meadhanach mòr agus geàrr an t-uinnein gu math beag. Cuir dhan phana iad le na fraochagan, an t-siùcar, na spìosraidhean agus an t-salann. An uairsin dòirt a-staigh am fìon-geur agus cuir mun cuairt. Bruich seo air a shocair airson mu 45 mionaidean gus nach bith tòrr sùgh air fhàgail.

Na Briosgaidean Càise
3 unns ìm
3 unns càise cruaidh air a bhleith m.e. cheddar
8 unns flùr a dh’èireas
1 ugh air a bhualadh
Beagan paprika
Salann

An toiseach cuir ri chèile an t-ìm is am flùr le làimh gus an tèid e coltach ri mìrean arain. Ris a seo cuir salann is piobar is an càise agus cuir mun cuairt.

Dòirt ann an t-ugh le drùdhag bheag bhainne na luib. Thig seo uile còmhla na thaois.

Obraich an taois airson mionaid bheag mus rolaig thu a-mach e mu mheudachd 2mm. Geàrr ann an cearcaill mu dhà òirleach agus cuir gach briosgaid air treidhe. Priogaich le forc mus crath thu beagan paprika air uachdar gach briosgaid.

Bruich san àmhainn aig 140C airson 20 mionaid.