Meringue Roulade
Am Meringue Roulade aig Màiri
5 gealagain-uighe
275 g siùcar mìn
Spàin-tì flùr min-innseanach (cornflour)
1 spàin-tì sùgh liomaid
Crathadh de phìosan almoin
200 g sùbhagan
300 ml uachdar

Buail na gealagain ann am bobhla agus cuir an t-siùcair ris mean air mhean gus am bi coltas tiugh agus gleansach orra. Cuir am flùr ris a seo, ga chur tron t-sìolachan ro làimh, le spàin-tì sùgh liomaid. Buail seo ri chèile a-rithist.
Dòirt seo ann an tiona Swiss Roll agus dèan còmhnard e. Crath pìosan almoin air uachdar.
Bruich san àmhainn an toiseach airson 10 mionaidean aig teas 220 C. Às dèidh sin tionndadh an teas sìos gu 160 C agus bruich airson 15 mionaidean eile.
Cuir car dhen meringue mus toir thu dheth a’ phàipear. Fàg airson 10 mionaidean airson fuarachadh. Geàrr dheth na h-oirean, ma dh’ fheumas tu, airson an dèanamh dìreach is sgiobalta.
Buail an uachdar gus am bi e tiugh agus gur ann na subhagan. Sgaoil seo air uachdar am meringue.
Nis, roilig am meringue bhon deireadh as giorra mar a dhèanadh tu le Swiss Roll. Tha thu ag iarraidh gum bi cumadh cuibhle ri fhaicinn aig gach ceann dhen roile. Tha teans gum brist an taobh a-muigh cruaidh leis na h-almoin ach tha còir gum bith e bog is steigeach na bhroinn agus cumaidh siud a’ chumadh.