Main content

Lof Ubhail is Caramail

An Lof Ubhail is Caramail aig Màiri NicAmhlaidh

6 unnsa ìm
6 unnsa siùcar
2 ugh
8 unnsa flùr èirigh
1 spàin-tì caineal
4 spàinean mòra iogart Grèigeach
1 ubhal meadhanach air a ghearradh na phìosan beag
Crathadh ghall-chnothan

7 suiteas caramal
2 spàin-mhòr uachdar tiugh

Buail ri chèile an t-ìm is an t-siùcar gus an tig dath soilleir air.


Cuir na h-uighean a-staigh beag air bheag ga bhuaileadh gu math.


Cuir am flùr tron sìolachan leis a’ chaineal. Cuir an iogart agus na h-ùbhlan a-staigh agus cuir mun cuairt.


Dòirt a-staigh ann an tiona 2 phunnd le crathadh de ghall-chnothan sìos meadhan a lof.


Bruich san àmhainn aig teas 160C airson uair is 20 mionaid.


Airson a’ chòmhdach leagh na suiteas ann am pana agus cuir an t-uachdar ris. Sgeadaich a chèic leis a seo agus crathadh eile de chnothan.