Tort Filo Làn Glasraich air a Ròstadh
An Tort filo làn glasraich air an ròstadh aig Màiri
2 uinnean dearg

1 pimento dhearg
8 tomàtothan bheaga
Ola-chroinn-ola
4 dhuilleagan pastraidh filo
Sabhs tiugh thomàtothan air an tiormachadh
Ball càise mozzarella
50g cnothan ghiuthais
Geàrr an t-uinnean, am pimento agus na tomàtothan ann am pìosan. Cuir air clàr-fuine iad agus dòirt beagan ola air am muin. Cuir a-nis dhan àmhainn iad airson ròstadh airson cairteal na h-uaireach aig 220 C.
Fhad ‘s a tha a ghlasraich a ròstadh faodaidh tu am pastraidh ullachadh. Geàrr gach duilleag dhan filo pastraidh gu meudachd treidhe fuine fhada. Cuir gach duilleag pastraidh air muin a chèile le suathadh ola-chroinn-ola eadar gach fear – ach an duilleag mullaich. Fag sin bàn an dràsta’.
Còmhdaich an duilleag mullaich leis an t-sabhs thomàtothan air an tioramachadh a’ fàgail oir mu dhà cheudameatair ban aig na cliathaichean. Air muin sin cuir a ghlasraich a chaidh an ròstadh agus sgeadaich leis pìosan meadhanach mòr a chàise mozzarella. Bruich san àmhainn airson mu chairteal na h-uaireach aig teas 220 Celsius a-rithist.
Fhad ‘s a tha an tort a còcaireachd fraidhig na cnothan ghiuthais ann am pana tioram airson mionaid neo dhà - dìreach gu tòisich iad a fàs ruadh agus gun fairich thu am fàilleadh bhuapa.
Nuair a tha an tort deiseil, sgaoil boinneagan pesto air fheadh agus crathadh de na cnòthan giuthais.