Rolagan Isbein
Na Rolagan Isbein aig Joey NicAsgaill
Punnd feòil isbein

Leth ubhal air a bhleith
Leth ugh
Pacaid pastraidh puff
Min-fhlùir
Leth ugh airson taobh a-muigh na h-isbeanan a chòmhdach.
Teasaich an àmhainn gu 220 Celsius.
Cuir an fheòil ann am bobhla agus bheir as a chèile e le forc. Cuir a-steach an ubhal agus measgaich seo tron fheòil. Buail aon ugh ann an siuga agus dòirt leth dhen seo dhan bhobhla. Measgaich sin a’ nise.
Sìn a-mach am pastraidh le roilear ann an cumadh ceart-cheàrnach agus an uairsin geàrr suas e (a’ gearradh tarsainn an taobh ‘s giorra) airson 4 ceart-cheàrnaich a dhèanamh às an taois. Cuir spàinean dhen fheòil isbein ann am meadhan na taoise agus an uairsin paisg na taoise tarsainn. Cuir suathadh dhen ugh a th’air fhàgail aig na h-oirean agus cleachd forca airson na h-oirean a dhùnadh. Geàrr gach rolag gu timcheall air 5 ceudameatair de dh’fhaid agus dean toll ann am mullach gach rolag isbein. Cuir suathadh dhen ugh air uachdar gach rolag mas bruich thu iad san àmhainn airson 20 mionaid.