Main content

Mìlsean Ime is Arain Panettone

Am Mìlsean Ime is Arain Panettone aig Calina NicDhòmhnaill

2 shlis thiugh de dh’aran panettone, gach slis air a ghearradh ann an 4 pìosan

Ìm

Marmalaid

Sultanas

Airson an custard

4 uighean

Steall math de dh’uachdar

Drùdhag bheag bhainne

Spàin-bhùird de shiùcar – seòrsa sam bith.

Cuir còmhdach math de dh’ìm agus marmalaid air an dà shlis panettone agus an uairsin geàrr suas ann an ceathramhan iad.

Grìs soitheach-àmhainn gu math le ìm.

Cuir na h-uighean, an t-uachdar, am bainne agus an t-siùcar ann am bobhla agus buail gu math e gus a bheil a h-uile sian air a dheagh mheasgachadh.

Cuir na slisean panettone dhan t-soitheach agus cuir crathadh de sultanas air muin an t-aran.

Dòirt an custard air muin am panettone agus leig leis suidhe ‘son 20-30 mionaid gus am bi an lof air an custard a shùghadh a-steach.

Bruich anns an àmhainn e aig teas 160C airson 30-35 mionaidean.