Cearc le Couscous
A’ Chearc le Couscous aig Seonag Nic a’ Ghobhainn
Cearc : 8 Sliasaidean
1 spàin-mhòr Garam Masala
2 spàin-tì Turmeric
3 Uinneanan slisnichte
3 Clòbhan creamh air a phronnadh
1 pinnt Sùgh Circe
250g Couscous
Rùsg 1 Liomaid
Sùgh 1 Liomaid
Làn-dùirn Peirsill
Làn-dùirn Peasraichean

Cuir leth dhe na spìosraich air truinnsear agus measgaich iad còmhla le beagan salainn is piobar. Còmhdaich na pìosan circe leis na spìosraich.
Teasaich ìm agus ola còmhla ann am pana.
Cuir na pìosan circe sa phana taobh a chraicinn sìos an toiseach gus an dathachadh.
Fraidhig na h-uinneanan agus a’ chreamh còmhla anns a phana far a robh a’ chirce agus measgaich a chòir de na spìosraich a-steach.
Cuir na pìosan circe air ais dhen phana, dòirt a-staigh sùgh na circe agus bruich seo airson 30-45 mionaidean.
Ann a soitheach mòr eile cuir an couscous le sùgh agus rùsg a liomaid, na peasraichean agus leth dhen pheirsill.
Cuir na pìosan circe air a mhuin agus gu slaodach dòirt a sùgh air.
Cuir mullach air an t-soitheach agus fàg e airson còig mionaidean.
Nuair a tha e deiseil crath beagan pheirsill air a mhuin agus cuir sailead ri thaobh.