Main content

Am Pissaladière aig Alasdair

An Taois
225g flùr làidir aran (geal)
½ spàin-tì salann
1 phacaid bheag beirm
2 spàin-bhùird ola-chroinn-ola
150ml uisge meadhanach blàth

Uachdar am Pissaladière
25g ìm
1 spàin-bhùird ola-chroinn-ola
450g uinnean
2 clobha creamh
1 spàin-tì siùcar
1 spàin-bhùird lus an rìgh (ùr) air a ghearradh
Piobar dubh
50g ainseabhaidhean, gun sùgh
60g dearc-ola dhubh

Ann am bobhla cuir ri chèile na tha dol dhan taois pizza. Cuir ann an toiseach a h-uile sìon tioram ach a’ cumail am beirm agus an salann air falbh bho chèile. Cuir ann an uairsin an ola san uisge gus an tig e ri chèile na bhalla. Cùm ort a’ fuine an taois airson 5-10 mionaid. Leig leis suidhe ann an àite blàth airson uair a thìde neo gus am bith an dùblaich e.

Roilig an taois a-mach gu meud treidhe ceàrnagach flan agus leig dha sinn suidh anns an treidhe ann an àite blàth gus am bi an taois air dùblachadh a-rithist.

Ruisg na h-uinneanan agus geàrr iad gu mìn. Bruich na h-uinneanan is an t-siùcar fad 20 mionaid aig teas gu math ìosal ann an ola is ìm. Mu dheireadh cuir beagan lus an rìgh riutha agus piobar. Sgaoil na h-uinneanan air uachdar am piotsa.

Cuir na ainseabhaidhean air a’ mhullach, a’ dèanamh pàtran laitis.

Lìon gach beàrn le dearc-ola.

Cuir an treidhe dhan àmhainn agus airson 20-25 mionaid aig 220C/gas mark 7.