Rolaichean Arain Geala
Na Rolaichean Arain Geala aig Barabal Nic a’Ghobhainn
700 g flùr geal làidir
3 spàin-bhùird pùdar bainne
10 g salainn
10 g beirm
30 g ìm neo margarain
Mu. 500 ml uisge blàth

Cuir am flùr agus am pùdar bainne ann am bobhla. Ris a sin cuir an t-salainn air aon taobh
dhan bhobhla agus am beirm air an taobh eile, mar sin gan cumail air falbh bho chèile.
Cuir am t-ìm a-staigh agus measgaich iad ann an inneal a' cleachdadh a chromag fuine.
Cuir mu 500ml de dh’ uisge blàth ris. Bi faiceallach le seo – ma dh’ faoidte nach bi
feum agad air a h-uile boinne neo gum bidh beagan a bharrachd na seo a dhìth ort. Bheir
an taois a-mach agus, le beagan flùr air a bhòrd, obraich an taois airson mu 5 mionaidean.
Cuir an taois air ais dhan bhobhla le crathadh beag flùr air uachdar agus cuir còmhdach
clingfilm air a bhobhla. Fàg e gus am bi e air dùblachadh ann am meud.
Bheir a-mach na taoise agus obraich e le do làmhan airson beagan dhan adhar a thoirt a-mach. Tomhas de na th’ ann de thaois agus roinn seo eadar dusan. Bith fios agad an uair
sin dè cho trom ’s a bhios gach rola ma tha dà rola dheug a dhìth ort agus bith iad uile
mun aon mheudachd.
Dean cumadh cruinn rola de gach pìos. Cuir air treidhe iad le crathadh flùr orra. Leig
leotha seo suidhe le còmhdach clingfilm air an uachdar airson uair a thìde neo gus am bi
iad air èirigh gu math.
Bruich na rolaichean airson 15 mionaidean aig teas 180 C.