Main content

Quiche Brocaili is Càise Stilton

An Quiche Brocaili is Càise Stilton aig Griogair MacLeòid

1 Uinnean dearg
½ bhrocaili
Càise Stilton (mu 200g)
Cròg mòr càise cheddar
3 uighean
Tuba mòr uachdar (chan fheum thu an crogan slàn)
Piobar
Cèis taoise tort

Geàrr na h-uinneanan agus am brocaili ann am pìosan agus fraidhig còmhla ann am pana le beagan ola-chroinn-ola iad. Bruich gus an tig an brocaili math, uaine agus an t-uinnean meadhanach bog.

Cuir an dà ugh ann an siuga còmhla ris an uachdar. Tha thu ag iarraidh gum bith a dhà uidhir uachdar ‘s a th’ agad uighean. Buail an t-uachdar agus na h-uighean còmhla le crathadh piobar dubh.

Cuir cèis taoise amh ann an soitheach airson tort neo quiche. A-staigh dhan sin dòirt am brocaili agus an t-uinnean dearg.

Geàrr a chàise liath ann am pìosan meadhanach mòr agus sgaoil am measg a ghlasraich e.

Dòirt an t-uachdar is na h-uighean air fheadh agus sgeadaich mullach an quiche leis a chàise cheddar.

Cuir an quiche a bhonn an àmhainn airson leth uair a thìde aig 220 C.