Main content

Brownies Teòclaid le Cnothan Pistachio

Na Brownies Teòclaid le Cnòthan Pistachio aig Eilidh NicChoinnich

300 g teòclaid
150 g ìm
300 g siùcar mìn
4 uighean
200 g flùr plèan
2 spàin-bhùird cocoa
100 g cnòthan pistachio pronn

Leagh an teòclaid agus an t-ìm ann am pana air an socair. Dòirt seo a-staigh ann am bobhla ann an inneal-measgachaidh agus leig leis fuarachadh beagan.


Cuir ris an uair sin an t-siùcar agus buail airson greiseag mus cuir thu na h-uighean a-staigh fear ma seach ga bhuaileadh fad an t-siubhail.


Cuir ris am flùr agus an cocoa agus cuir mun cuairt a-rithist. Mu dheireadh cuir na cnòthan a-staigh.


Dòirt a-staigh ann an tiona 8 òirleach x 8 òirleach a th’air a shuathadh le ìm agus air a lìnigeadh. Bruich anns an àmhainn airson 20 mionaid aig teas 200 C.