Main content
Risotto le Adag Smocte
Risotto le adag smocte

- 250g rus arborio
- 1 uinnein mòr – air a ghearradh mìn
- 550ml sùgh èisg
- 1 spàin-tì pùdar curaidh
- ½ dhòrlach de phearsal
- 65g peasairean reothte
- 300g adag smocte
- 550ml bainne
- 20g ìm
- 20g neo ¾ unnsa mascarpone
- Ola-chroinn-ola
- Duilleag bay
- ½ spàin-tì lus an rìgh
- 4 slisean pancetta
- Sùgh liomaid
- Bruich an t-uinnein air a shocair ann an measgachadh de dh’ìm is ola.
- Nuair a tha e air bogachadh beagan, cuir ris an duilleag bay, an lus an rìgh agus am pùdar curaidh. Bheir beagan bruich dhan an seo.
- Cùir ris an rus agus measgaich a-steach e, ga chòmhdachadh gu math anns an ìm agus an ola.
- Mean air mhean, dòirt a-steach an t-sùgh, dìreach aon lodar aig gach àm. Dean cinnteach gun leig thu leis an rus gach boinne dhen lionnach a shùgadh a-steach mas cuir thu an ath lodar ann.
- Nuair a tha an rus air cha mhòr an t-sùgh gu lèir a shùghadh , dòirt ann na peasairean.
- A-nist feumar an t-iasg a bhruich – poidsig na h-adaig anns a’ bhainne airson beagan mhionaidean agus an uairsin tog a-mach e agus brist an t-iasg a-steach dhan risotto ann an cnapan mòra.
- Bruich am pancetta gus a bheil e a’ fàs donn, brisg. Cuir gu aona taobh e ach cùm blàth e.
- Cuir a-steach dhan risotto an t-ìm, am pearsal agus am mascarpone agus paisg a-steach iad air an socair.
- Cuir crathadh dha na pìosan pancetta air muin an risotto.