Main content

Tortan ughagain

Na tortan ughagain aig Màiri

1 Pacaid Puff Pastry
Ìm airson smeuradh
250ml uachdar dùbailte
150ml bainne
Rùsg 1 liomaid
1 builgean vanilla
4 buidheagan uighe
2 spàin-bùird flùr còrn (Cornflour)
125 siùcar-castoir

Airson an ughagain:
Teasaich an àmhainn gu 190° Celsius agus smeur ìm air tiona cèic a ghabhas 12 cèic.
Dòirt an uachdar, am bainne agus rùsg a liomaid ann am pana. Thoir a-mach na sìl as a bhuilgean vanilla agus cuir seo (agus am builgean vanilla falamh) air ais dhen phana. Teasaich e ach na leig leis goil agus thoir e bhon teas.
Buail an àirde na h-uighean, flùr còrn agus an t-siùcair ann am bobhla gus an tionndaidh e tiugh. Troimh sìolachan dòirt am bainne dhen bhobhla leis a stuth eile agus measgaich seo còmhla cho luath ‘s a ghabhas.
Cuir seo air ais dhen phana agus bruich seo aig teas meadhanach gus a fàs e na bu thiugha.


Airson am pastraidh:
Roilig a-mach am pastraidh air bòrd-obrach le beagan flùr gus am bi cumadh ceart-cheàrnach air – mu 50x30/20x12 òirlich. Tha e cudromach gun fheum e a bhi 1mm tiugh.
Roilig an aìrde am pastraidh cho teann sa ‘s urrainn dhut leis am pìos ceart-cheàrnach as fhaide air do bheulaibh. Dèan cinnteach gu bheil thu a suathadh uisge air am pastraidh fhad sa tha thu ga roiligeadh. Geàrr a-mach cearcallan a tha 2cm/¾ òirlich tiugh.
Le òrdag fliuch cur gach cearcall dhen tiona cèic gu faicealach, a gluasad d’ òrdag mun cuairt gus am bi am pastraidh air feadh an toll. Dèan cinnteach nach eil tuill sna cearcallan.
Dòirt an ughagain am broinn gach tort agus lìon iad an àirde. Na cuir cus annta ge-tà.
Bruich na tortan airson 20 mionaid gus a fàs am pastraidh agus tha an ugh air loisgeadh beagan.
Leig leotha fuarachadh airson deich mionaidean.