Bonnaich Liomain gun Flùr Chruithneachd
Na Bonnaich Liomain gun Flùr Chruithneachd aig Iseabail NicAonghais
125g min-fhlùir a dh’ èireas – as aonais cruithneachd

100g almoin air am pronnadh
175g siùcar mìn
Sgrìobadh rùisg 2 liomain
2 spàin-bhùird sìol poppy
175g margarine, air a leaghadh agus an uairsin air fuarachadh beagan
3 uighean
100g iogart
Curd liomain
Sùgh liomain
Siùcar icing
Teasaich an àmhainn 180C/160 fan/Gas 4.
Cuir 12 cèisean bonnaich am broinn treidhe muffin.
Measgaich an fhlùr, an t-siùcar, rùsg na liomainean agus an t-sìol poppy.
Ann am bobhla eile, buail na h-uighean agus an iogart agus measgaich e leis an stuth tioram, còmhla ris an t-ìm a tha mu thràth air a leaghadh agus air fuarachadh beagan.
Lìon na cèisean bonnaich leis a mheasgaidh seo. Bruich anns an àmhainn iad airson 20-22 mionaid.
Nuair a tha na bonnaich air fuarachadh, cleachd piping bag neo icing syringe airson curd liomain a chuir am broinn na bonnaich. Sgeadaich na bonnaich le beagan icing air a dhèanamh le measgachadh de shiùcar icing agus sùgh liomain.