Slis Mheasan
An Slis Mheasan aig Màiri
Pacaid taoise air a rolaigeadh
50 g ìm
100 g ròiseidean
100 g spìontagan
65 g siùcar
Spàin-tì spìosraidh measgaichte

Dèan dà leth air pacaid taoise. Cuir aona bhlàith air bonn treidhe a tha fichead cm tarsainn agus fichead sa dhà air fhaid, a’ gearradh na h-oirean ma tha e ro mhòr.
Ann am bobhla buail an t-ìm còmhla ris na measan tioram, an spìosraidh measgaichte agus an t-siùcar.
Sgaoil seo air muin na taoise – feumar a dhèanamh còmhnard. Sgaoil an còrr dhen taois air a mhuin, agus sgioblaich mu na h-oirean. Priocaich le forca, agus bruisig le beagan uighe air a bhualadh.
Cuir seo dhan àmhainn aig 190 C son eadar fichead mionaid is leth-uair – gus am bi dath brèagha òr-bhuidhe air co-dhiù.
Crath an uair sin siùcar air, agus leig leis fuarachadh mus tèid a’ chiad cheàrnag a’ ghearradh.