Main content

Parfait le mil is uisge-beatha, agus plumais ann am port

Am Parfait:

100ml mil
4 buidheagain-uighe
300ml uachdar
2 spàinn-mhòr uisge-beatha

Teasaich am mil ann am pana gu ìre goilidh, thoir far an teas is fàg am pana a dhàrna taobh.

Ann am bobhla, buail na buidheagain gus am bidh iad soilleir agus tiugh. Cùm ort a’ bualadh agus cuir am mil riutha beag air bheag.

Ann am bobhla eile, buail an t-uachdar gus am bidh e tiugh agus cuir an t-uisge-beatha ris. Dòirt na tha sa bhobhla eile dhan bhobhla leis an uachdar, agus paisg a-steach e air a shocair.

Lìnig 4 bobhlaichean-mìlsean beaga le fiolm-claonach agus lìon iad leis a’ mheasgachadh. Cuir dhan reòthadair iad agus leig leotha fuarachadh fad 2-3 uairean a thìde.

Plumais ann am Port:

300ml fìon-poirt
2-3 clomhais
2 phìos caineal
1 spàinn-mhòr siùcar
1 spàinn-mhòr mil
sùgh leth liomaid

4 plumaisean
1 plumais, air a ghearradh
meannt

Dòirt am fìon ann am pana còmhla ris a’ chlomais, caineal, siùcar, mil agus sùgh-liomaid agus teasaich gu ìre goilidh. Thoir am pana far an teas agus fàg e airson cairteal na h-uaireach gus an toir na spìosraidhean blas math dhan fhìon. An uair sin cuir tro shìoltachan e agus cuir an sùgh air ais dhan phana.

Geàrr na plumaisean ann an dà leth, agus cuir dhan phana iad leis an t-sùgh, an taobh a chaidh a gheàrradh sìos air bonn a’ phana. Cuir seo air teas ìosal fad cairteal na h-uaireach, an uair sin tionndaidh na plumaisean agus bruich fad 5 mionaidean eile. Thoir na plumaisean às a’ phana agus teasaich an sùgh aon uair eile gus am fas e coltach ri siorap.

Nuair a tha a h-uile rud deiseil, cuir na plumaisean air gach truinnsear leis am parfait, sgeadaich le pìosan beag plumais amh agus duilleagan meannt. Blasta!