Main content
Criomagan circe
Na criomagan circe aig Flòraidh Chaimbeul
1 broilleach mòr cearc (air a ghearradh an àirde gu mu dheich phìosan dhen aon mheud)
Soitheach le flùr
Soitheach le 2 ugh air a bhristeadh an àirde
Soitheach le measgachadh de chriomagan-arain agus parmesan mìn
Mayonnaise
Chilli Milis
Tomàtothan bheaga

Tom na pìosan circe san fhlùr, an uairsin san ugh agus mu dheireadh anns na criomagan-arain.
Fraidhig iad seo ann am pana domhainn ola aig teas 160C airson 2-3 mhionaidean. Mar a thig aid as an ola cuir na laighe iad air treidhe air a chòmhdach le paipear-cidsin gus nach bi tuilleadh ‘s a choir ola oirre. An uairsin cuir iad air soitheach dhan àmhainn aig teas 180C airson 2-3 mhionaidean.
Deasaich sabhs-bogaidh le chili milis agus mayonnaise agus sgeadaich an truinnsear le pìosan beaga tomàto.