Main content

Mìlsean Liomaid

Am Mìlsean Liomaid aig Màiri

Sùbhagan – gu leòr airson bonn an t-soithich a chòmhdach
50 g ìm
200 g siùcar
Rùsg 1 liomaid
3 uighean – gealagan agus buidheagan air leth
50 g flùr
100 ml sùgh liomaid
250 ml bainne

Còmhdaich bonn an t-soithich le na sùbhagan.


Buail an t-ìm, an t-siùcar agus an rùsg gus am bith e soilleir aotram. Ris a sin cuir na buidheagain uighe. Buail còmhla.


Cuir ris am flùr agus buail a-rithist. Nuair a tha am flùr na mheasg cuir an t-sùgh liomaid ris. Dòirt a-staigh am bainne mean air mhean ga bhuaileadh fad an t-siubhail.


Ann am bobhla eadar-dhealaichte buail na gealagain gus am bi iad nan cop, gun a bhith ro chruaidh, ach air èirigh gu math.


Paisg na gealagain a-staigh dhan bhobhla eile a feuchainn ri nas urrainn dhut de dh’ àidhear a chumail ann. Nuair a tha thu ullamh leis a seo bith e gu math tana. Dòirt seo air muin nan sùbhagan.


Cuir an t-soithich ann an treidhe lethach làn le uisge goileach. Bruich san àmhainn airson 45 neo 50 mionaid aig teas 180 C.