Main content
Na Briosgaidean Teòclaid is Coirce aig Griogair (às aonais cruithneachd is bainne na bà)
100g coirce às aonais cruithneachd
30g flùr coirce às aonais cruithneachd
50g almoin pronn
80ml ola chnò-còco air a leaghadh
3 spàin-bùird siorap
Teòclaid anns nach eile bainne neo cruithneachd

Cuir air an àmhainn aig 180C
Ann am bobhla cuir ri chèile an coirce, am flùr, na h-almoin agus an t-salann.
Dòirt a-staigh an t-ola agus an t-siorap agus cuir mun cuairt gus am bith e uile measgaichte.
Cuir làn spàin mhòr airson gach briosgaid air treadha àmhainn – feuch nach bi iad ro fhaisg air a chèile. Sgapaidh iad fhad ‘s a tha iad a bruich.
Cuir dhan àmhainn iad airson cairteal na h-uaireach – no dhà no trì mhionaidean nas lugha.
Leig leotha fuarachadh buileach mus cuir thu còmhdach teòclaid air bonn gach briosgaid. Cuir pàtran san teòclaid le forca.