Tortan Pinc & Pineapple
Na Tortan Pinc & Pineapple aig Amanda
TAOIS

250g flùr plèan
50g siùcar
175g ìm fuar, air a ghearradh
1 ugh mòr, air a bhualadh
An toiseach, dèan an taois. Cuir am flùr agus an t-siùcar ann am pròiseasar-bìdh agus measgaich. Cuir an t-ìm ris agus measgaich gu math, an uair sin cuir an t-ugh ris agus measgaich a-rithist. Ma tha an taois ro thioram, faodaidh tu beagan uisge a chur ris gus am fàg an taois taobh a bhobhla glan. Paisg an taois ann am clingfilm agus fuaraich ann am fuaradair fad leth-uair a thìde.
Cuir air an àmhainn aig teas 200C.
Smeur ìm ann an 16 tionaichean-tort 5cm. Thoir an taois a-mach às an fhuaradair agus roilig a-mach i, gu tiughad not. Lìon gach tiona leis an taois agus cleachd forc gus bonn gach tort a bhriogadh gu math. Bruich san àmhainn iad airson 15 gu 20 mionaidean, a’ cumail sùil orra agus gam briogadh a-rithist ma dh’fheumar. Fàg iad an uair sin airson fuarachadh.
LÌONADH
8 spàin-tì silidh sùigh-chraoibh
8 spàin-tì silidh pineapple
Tiona pineapple
200ml uachdar
2 spàin-mhòr siùcar pùdarach
Buail an t-uachdar agus an t-siùcar còmhla gu math, gus an cùm e chumadh. Cuir seo ann am baga pioba.
CÒMHDACH
200g siùcar pùdarach
Sùgh bhon tiona pineapple
Dath buidhe agus pinc
Dèan dà leth dhen t-siùcar ann an dà bhobhla. Cuir steall uisge dhan chiad bhobhla agus steall sùgh bhon tiona pineapple dhan dàrna bobhla. Measgaich le gu leòr sùgh/uisge gus an tuit e gu slaodach far na spàinne.
Cuir dath buidhe ris a’ chòmhdach pineapple agus dath pinc ris an fhear eile.
Lìon gach tort le spàin-tì silidh, pìosan pineapple air an fheadhainn phineapple, an uair sin an t-uachdar agus còmhdach-siùcair gus am bi an uachdar air a chòmhdachadh air fad.
Leig leotha tiormachadh agus an uair sin, ith!