Main content

An t-Aran Gràn-Innseanach aig Shona

260g gràn-innseanach garbh
240ml bainne goirt
2 spàin-bùird ìm
2 spàin-tì siùcar ruadh bog
1 spàin-tì salann
1½ spàin-tì pùdair-fuine
½ spàin-tì sòda-arain
2 ugh air am bualadh

Ann am pana fraidhig an gràn-innseanach tioram (gun ìm neo ola sa phana) airson mu 5 mionaidean ach am fairich thu fàileadh às a' ghràn.

An uair sin cuir leth dhe ann am bobhla leis am bainne goirt. Cuir mun cuairt agus fàg seo am bogadh fad na h-oidhche neo airson co-dhiù uair neo dhà.

An uair sin cuir an còrr dhan ghràn ann còmhla ris an sòda-arain, am pùdair-fuine, an t-siùcar, an t-salann agus na uighean. Cuir seo uile mun cuairt.

Leagh an t-ìm ann am pana meatailt a ghabhas cuir dhan àmhainn. Cuir an t-ìm am measg na tha sa bhobhla agus measgaich ri chèile. An uair sin cuir a h-uile sìon a tha seo air ais dhan phana agus bruich air an stòbh airson mionaid neo dhà.

Bruich ann an àmhainn aig 220C airson 20 mionaid.

Tha seo air leth ga thoirt seachad le chilli am àite rus.