Main content

Brot churrain-gheala spìosrach

Am brot churrain-gheala spìosrach aig Màiri

2 churran-geal mòr
1 uinnean
2 chlòbh creamh
2 unnsa ìm
1 spàin-bùird flùr lom
1 spàin-tì tiolaidh thioram
1 spàin-tì turmeric
1.3 liotairean sùgh glasraich
4 unnsaichean càise
150ml uachdar
2 spàin-bùird mustard gràineanach
Salainn is piobar

Còcairich na glasraich air fad san ìm. Às dèidh beagan mhionaidean measgaich a-steach am flùr agus na spìosraidhean. Dòirt sùgh na glasraich air a mhuin agus leig leis bruich airson leth-uair a thìde. Cuir beagan salainn is piobar ris. Aon uair ‘s gu bheil na glasraich deiseil cuir am mustard, a chàise agus an t-uachdar ris a bhrot. Feuch pìos agus cuir barrachd salainn is piobar na mheasg a-rèir do thoil fhèin.