Cullen Skink
An Cullen Skink aig Màiri
2 leigis

2 shallot bheag
1 bhuntàta mòr
1 dhuilleag bay
200 ml stoc èisg
100 ml bainne (liath le geir)
100 ml uachdar singilte
500gr bradan smocte (air a teth smocadh)
Bruich na leigisean air an socair ann an ìm ach am fàs iad bog. Nuair a tha iad bog cuir na shallots dhan phana còmhla ri aon bhuntàta mòr air a ghearradh ann an pìosan meadhanach mòr. Leig leis bruich airson deich mionaidean mus cur thu stoc ris.
Nuair a tha na deich mionaidean seachad cuir duilleag bay dhan phoit còmhla ris an stoc èisg agus am bainne. Leig leis am brot bruich air a shocair ach am fàs a bhuntàta bog.
Bheir a-mach lodar dhan bhrot agus cuir gu aon taobh e fhad ’s a tha thu a pronnadh an còrr dhan bhrot. Nuair a tha am brot pronn agus air a thighinn ri chèile na bhrot thiugh, mìn, cuir an lodar a chur thu gu aon taobh agus nach deachaidh a phronnadh air ais a-staigh còmhla ris am bradan smocte. Leig leis bruich a-nis treiseag airson ‘s gu cur am bradan blas math smocte ron bhrot.
Sgoinneil ga thoirt seachad le rola neo pìos tiugh aran donn.