Main content

Carraigean le Silidh Ruadh-bhàrr

Carraigean le Silidh Ruadh-bhàrr

Carraigean


1 Liotair bainne-shlàn
8g carraigean

Dòirt am bainne am broinn pana mòr agus cuir an carraigean na mheasg. Cum seo air teas meadhanach.
Bruich seo airson 3-4 mionaidean. Na leig leis goil!
Tog bhon teas e.
Dòirt am bainne troimh clobht muslin do bhobhla. Leig leis a dhol troimhe, na put e!
Dèan cinnteach nach eil craiceann air a mhuin.
Aon uair ‘s gu bheil a sùgh air a dhol troimh an clobht muslin, thoir a muslin a-mach agus measgaich a h-uile sian anns a bhobhla còmhla.
Dòirt e a-steach do shoithichean beaga agus cuir iad dhen frids fad na h-oidhche.

Silidh Ruadh-bhàrr

4 stocan Ruadh-bhàrr
Sùgh 1 Oraindsear (Na cleachd sùgh oraindsear bho botail)
2 spàin-bùird Siùcair Castoir Òir
4 Builgeanan Cardamom Uaine

Glan an ruadh-bhàrr agus geàrr e ann am pìosan mu mheud 2cm. Cur seo am broinn pana meadhanach leis an t-siùcar agus sùgh an oraindsear. Pronn na builgeanan cardamom gus an tig na sìolan dubha a-mach agus cuir a h-uile sian dhen phana. Cuir mun cuairt e agus àrdaich an teas gus an tòisich a sùgh a goil. Tionndaidh sìos an teas agus cuir mullach air a phana. Bruich seo air a shocair airson mu 10 - 15 mionaidean. Cur siùcar ris mu nach eil e milis gu leòr. Thoir a-mach na sligean cardamom ach fàg na sìolan dubha na mheasg. Dòirt seo fhad’s a tha e blàth air muin a’ charraigean fuar.